S' mithich dhòmhsa tòiseachadh Is m' òran chur an céill Gur fhada bhon bu chòir dha Bhi ann an òrdugh réidh Tha m' inntinnsa cho luaineach Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug Ma s' e gum pòs a' ghruagach Tha shuas ann an Gleann Éit' Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu Bho d' bhàrr gu sàil do bhuinn Chan eil cron ri àireamh ort 'S tu bean an nàduir grinn Nar mhealamsa mo shlàinte Mur b' fheàrr leam na bhi 'm rìgh Cead bhi laidhe làimh riut Mo làmh fo' d' mhuineal màn Gur lìonmhor mais ri' h-aithris Air an ainnir is math snuadh Do shlios geal mar an caineal No mar eala nan tonn uain' Shiubhail mi bho 'n Apuinn A mach gu Uisge Chluaidh 'S bean t' aogais anns an astar sin Cha'n fhaca mis', a luaidh Tha falt bachlach bòidheach ort Air dhath an òir 'na dhuail Gur fiamhach sgiamhach, òrbhuidh e 'An òrdugh ann an cuaich Bha m' inntinnsa làn sòlais 'Nuair bha mi chòmhnuidh shuas 'S a nise bho 'n a dh'fhàg mi e Chan eil mo thàmh ach truagh Tha nìonagan an àite seo Ri tàir orm gu mòr G'un d' thuirt iad rium am bachelor 'S gu bheil mi sean gu leòir Ach cha b' i 'n aois a liath Mo chiabhagan cho mòr Ach sìoban na tonn dubh ghorm A' tighinn bho chùl nan seòl Gur lìonmhor anns an àite seo Mo nàimhdean bho chionn greis A chionn gu'n d' thug mi gràdh Dh'an nighean bhàin tha' n Dail-an Eas Tha fleasgaich anns an àite seo 'S gum b' fheàrr leo gun robh mis' 'An iomall domhain fad air falbh Gun earbsa ri tighinn às Ged a bhithinn fad air falbh Bhiodh m' earbsa ri tighinn as A shealltainn air mo ghràdh An nigh'nn bhàn a's àillidh dreach Chan eil e anns an àl seo No 's an àl a thig am dhéigh Bean do mhais' a Mhàiri 'S tu a's àille tha fo 'n ghréin 'S ìseal a thuit m' inntinnsa Cha dìrich i ri m' bheò A chaoidh cha dean mi innseadh An nì sin tha 'gam leòn Gus an téid mo thiodhlaiceadh 'An cistidh dhìonaich bhòrd Cha tréig mi gaol na h-ìghneige Dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn