I hiùraibh, I hiùraibh I hiùraibh o gheallaidh I hiùraibh ó éile Rinn thu eudail mo mhealladh Sann an toiseach a' bhàta Tha mo ghràdh dha na fearaibh Sùil chorrach ghorm liònta Gruaidh mhìn-dhearg, beul tana Thoir an t-soraidh seo bhuamsa Gu sliabh nan tri seallaidh Chun an òganaich chiataich Tha 'n iar air na gallaibh Gura mis' tha gu brònach 'S mo shùilean sìor lasadh Ged nach fhaic mi ri m' bheò thu Guma slàn thig thu dhachaigh