Faigh an t-searrag-sa mun cuairt Lìon an àird gu bàrr a' chuach Deoch slàinte fear ghlinne-cuaich 'S gun éireadh buaidh gach latha leis Latha dhomh 's mi muigh air chuairt Thachair orm fear ghlinne-cuaich Làmh a dhiòladh dhòmhs' an duais 'S gun d'fhuair sin rud an latha sin Ceist nam ban o thìr nam bó Far strath chluainidh ghorm an fheòir Far an d'fhuair thu d'àrach òg 'S gun cùnnte móran aighean dhut Bu tu ceann-uidhe nam bàrd Na fìdhlearan 's luchd nan dàn Nuair a shìneadh tu do làmh Gum b'àilteachadh leam crathadh dhith Nuair a dheidheadh tu bheinn a' cheo Dh'iarraidh fàth air damh na cròic Air do shùil cha laigheadh sgleò 'S bu sheòlta dol 's an amharc thu 'S tric a leag thu màthair laoigh 'S a choille ghuirm air a taobh Eilid bhinneach nan cas caol Is coileach fraoich 's a chamhanaich Nuair a dheidheadh tu bheinn na stùc Le do ghunna 's le do chù Nuair a lùbadh tu do ghlùin Gun ùmhlaicheadh na h-aighean dhut 'S truagh nach d' thachair dhomh bhi 'm bhàrd A thogadh do chliù an àird Dheanainn innse dhuibh nam dhàn Gur mac a dh'fhàs mar d'athair thu 'S dé dheanadh do mhàthair chòir An fhuil uasal dh'fhàs gun phròis Mura tachradh ort té mhór Aig am biodh stòr nach caitheadh I 'S faigh an t-searrag-sa mun cuairt Lìon an àird gu bàrr a' chuach Deoch slàinte fear ghlinne-cuaich 'S gun éireadh buaidh gach latha leis