O luaidh, 's truagh nach deachaidh sinn È luaidh, 's truagh nach deachaidh sinn O gura truagh a' cheist, o luaidh Nach robh mi san uaigh mun d' fhuair mi sealladh ort O luaidh Chunnaic mi thall sa mhòine gearradh i Gruagach òg, 's chòrd a pearsa rium Chaidh mi anull 's gun fhaic mi i dlùth 'S a' mhais' air a gnùis a dh'ùraich leannanachd O luaidh An tèid thu leam gu tìr nam monaidhean Tìr nam fiadh, nan earb 's nan coineanach Tìr nan siad, 's ann bha thu riamh 'S gun ith thu do bhiadh gun sgian 's gun ghreimiche O luaidh Nam biodh peann 's pàipear geal agam Sgrìobhainn dhut sìos mo chainnt le barantas Cùmhnant tha teann nach fhosgail bhon chlèir 'S ma dh'fhalbhas tu fhèin, chan fheum thu t'fharadh ann O luaidh