Thig trì nithean gun iarraidh An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol 'S gur beag a' chùis mhasluidh Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon 'S a liuthad bean uasal A fhuaradh 'sa chiont an robh mi A thug a gaol fuadain Air ro bheagan duaise 'ga cheann Air faillirinn, illirinn Uillirinn ho ro 's mi caoidh 'S cruaidh fhortan gun fhios A chur mise fo chuing do ghaoil Fhir a dhìreas am bealach Beir soiridh don ghleannan fo thuath Is innis do m'leannan Gur maireann mo ghaol 's gur buan Fear eile cha ghabh mi 'S chan fhuiling mi idir a luaidh Gus an dean thu, ghaoil, m'àicheadh Cha chreid mi o chàch gur fuath Nam faicinn thu tighinn Is fios dhomh gur tusa bhiodh ann Gun éireadh mo chridhe Mar aiteal na gréin' thar nam beann 'S gun tugainn mo bhriathar Gach gaoisde tha liath na mo cheann Gum fàsadh iad buidhe Mar dhithein am bruthach nan allt Mur tig thu fhéin tuilleadh Gur aithne dhomh mhalairt a th'ann Nach eil mi cho beartach Ri cailin an achaidh ud thall Cha tugainn mo mhisneach Mo ghliocas, 'is grinneas mo làimh Air buaile crodh ballach 'Is cailin gun iùil 'na ceann