Nuair chruinncheas an òigridh Gu mire 's gu sòlas Bidh mise nam ònar An seòmar gun ghleus A' cuimhneachadh còmhradh A fhleasgaich a leòn mi 's an gaol thug mi òg Do mo dhòmhnullan fhèin Bidh m'athair 's mo mhàthair Ri gearain 's ri cràmhan A cantainn nach fheàrr mi Na pàisde gun chèill Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear Bhios daonnan a seòladh 'sa sgaoileas a stòras Gun ghò ris gach tè Nuair thachradh an còmhlan 's a'chlachan didòmhnaich Nam measg cha robh òigfhear Cho còmhnard na cheum Cho beusail 'na chòmhradh Cho fearail na dhòighean Bhiodh sùil aig gach òigh Air mo dhòmhnullan fhèin Tha dualagan bòidheach Dhe d' chuailean 'nam phòca Do dhealbh air a còmhdach Le òr ann an cèis Do shùilean cho beò leam Do ghruaidh mar na ròsan Ag ùrachadh dhòmhsa Mo dhòmhnullan fhèin Tha bliadhn' agus còrr Bho na thriall e 'o eòlas 's tha iomhaigh cho beò leam 's ged sheòladh e 'n dè Cha ghèill mi do dh'òigfhear 's cha chèill mi na bòidean Na gaol a thug mi òg Do mo dhòmhnullan fhèin