Cha b'e dìreadh a' bhruthaich Dh'fhàg mo shiubhal gun treòir Na teas ri là gréineadh Nuair a dh'éireadh I oirnn Na teas ri là gréineadh Nuair a dh'éireadh I oirnn Gu bheil moill' air mo léirsinn 'S cha léir dhomh ceum ròid Gu bheil moill' air mo léirsinn 'S cha léir dhomh ceum ròid Cha léir dhomh ni 's fhaisge Fiù a' bhata 'nam dhorn Cha léir dhomh ni 's fhaisge Fiù a' bhata 'nam dhorn 'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach 'S mo lethcheann air lón 'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach 'S mo lethcheann air lón Treis air smeuran nan drùisean Greis air bristeadh nan cnò Treis air smeuran nan drùisean Greis air bristeadh nan cnò 'Se mo dhubhailt mo bhreacan 'Se mo chopan mo bhròg 'Se mo dhubhailt mo bhreacan 'Se mo chopan mo bhròg 'Se mo thaigh mór gach glacan 'Se mo leabaidh gach fròig 'Se mo thaigh mór gach glacan 'Se mo leabaidh gach fròig 'S ged a dh'fhadainn-sa teine Chì fear foille dheth ceò 'S ged a dh'fhadainn-sa teine Chì fear foille dheth ceò 'S ged a cheannaichinn-sa buideal Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl 'S ged a cheannaichinn-sa buideal Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl 'Si do nighean-sa, dhonnchaidh Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg 'Si do nighean-sa, dhonnchaidh Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg Té dha bheil an cùl dualach O guaillean gu bròig Té dha bheil an cùl dualach O guaillean gu bròig 'Se sios ma da shlinnein A's an ionad as boidhch' 'Se sios ma da shlinnein A's an ionad as boidhch' 'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad Na aon mhac breabadair beò 'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad Na aon mhac breabadair beò Ged nach deanainn dhut fighe Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd Ged nach deanainn dhut fighe Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd 'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich Anns an aonaich 'm bi 'n ceò 'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich Anns an aonaich 'm bi 'n ceò Ann am bùthaig bhig bharraich 'Gun bhith mar rium ach d'fheòil Ann am bùthaig bhig bharraich 'Gun bhith mar rium ach d'fheòil 'S mi gu snàmhadh an caolas Airson fàilteachd do bheòil