Tha mulad, tha mulad Tha lionn-dubh orm fhèin Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o Tha de mhìngean air m'aire Ni nach aidich mo bheul Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o Ach a mhàiread nan cuiread 'S dàna chuir thu orm breug Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o Thilg thu ormsa mar aithlis Nach b' fhuilear dhomh 'm bréid Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o Gu robh leanabh am pasgadh Fo asna mo chéibh Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o Cuim nach ìnnseadh tu 'n fhìrinn Mar a dh' ìnnsinn ort fhèin? Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o Ann an làthair mo thighearn' Far am bithinn 's tu rèidh Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o Thilg thu ormsa mar dhearrais Gu robh m' athair an éis Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o Cha b' ionnan dha m' athair 'S dha d' athair-sa fhèin Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o Cha b' ionnan dha 'n taighean 'N àm laighe don ghréin Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o 'S ann a gheibhte 'n taigh d' athar-s' Cinn is cnàmhan an éisg Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o 'S ann a gheibhte 'n taigh m-athar-s' Cinn is casan an fhéidh Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o