Tha mi tinn 's mi ri caoidh mo dhòchais Nochd 'san raoir 's fad na h-oidhche mhò-raoir Do chòmhradh meallta 'sa gheamradh dhòmhsa Chuir falt mo chinn dha na toill na dhlòthan Bha mi'm oidhch' ud 'smi aig an teine 'S bu tu an luaisgean a bha air m'aire Nuair a chuala mi fuaim an dorais 'S e air a ghluasd aig fear uallach baile Theireadh cach rium nach robh thu ciallach Gun robh 'g-òl 's nach bu mhòr a b'fhiach thu Stad a ghraidh cha ro ann ach briagan Se mise b'eolaich bhon t-òige riamh ort Bha do chairdean toirt tàir is beul dhomh Airson a ghraidh gun tug mi mo spèis dhut Faodaidh iadsan bhith sàmhach 's eisdeachd Far an laigh an gràdh, cha chuir càil bho cheill e Bha mo chairdean iad orm ag iarraidh An gaol a thug mi a chuir air diochuimhn' Ach bha sin dhaibhsan a cheart cho diomhuinn Ri muir-làn a thraghadh 's muir tràigh a lionadh