Sèist: Ni mi'm breacan uallach, a-dhiu-bhì A' chuir air mo ghualainn, hò-rò-am-bò A' dhìreadh ris na cruachan, a-dhiu-bhì A' shealltainn air a' ghruagaich mu bheil an fhodhail Is éibhinn leam an nì mi mar a chì mi nis e Mar tha nighean sìne an an lag a' mhilidh O'n a fhuair I'n dìleab tha móran mios oirr' Tha gach fear an geall oirre anns a' mhionaid Chan eil fear 'san àite nach bi 'ga tathaich 'S òrdan aig mo 'mhàthair a bhi 'ga leantainn Uilleam aig caitrìon' agus peadar fleming 'S eachunn againn-fhìn bidh e dol 'n rathad (Sèist) Na cailleachan air chéilidh 's a taobh an teallaich Togaidh iad beusan gu ruig a' ghealaich Leis na fhuair I 'sheudan nuair dh'fhalbh a seanair "Is I cho math gu fuaitheal, 's I fuathasach banail" Tha seachd-bliadn' deug is còrr bho'n bha I 'fichead 'S cha robh fear an tòir oirre' chunnaic mise Gus an d'fhuair I 'n tòrr a bh' aig fear na sgriodhaig Noigeannan de'n òr a bh' aig anns a' chiste (Sèist) Am press a bh'anns an t-seòmar gur lìonmhor 'ulaidh Cuimhneachain bh'aig domhnall air iomadh curaidh Sporan agus cùnndadh a bh'aig rìgh uilleam 'S botul 'san robh ùngadh o'n ollamh mhuileach Sgian-dubh agus tuagh bh'aig rob ruadh macgreogair Claidheamh a bh' aig diarmad 's gu'n robh e biorach Clogad a bh'aig fionn aic' ann agus biodag Agus currachd-oidhche bh'aig calum cille (Sèist)