Sileas

Tha Mulad

Sileas


Tha mulad, tha mulad 	
Tha lionn-dubh orm fhéin 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
Tha do mhingean air m'aire
Ni nach aidich mo bheul 
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

Mu'n òganach ghasda 	
Ùr-mharcrach' nan steud 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
Chan innsinn dha m'phiuthar
Meud mo chumha as do dhéidh
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

No dha'm mhàthair a rug mi
Chuir mi cudtrom 'na ceum 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
Tha sac trom air mo chridhe 	
Nach tog fidheall nan teud 	
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

Ach a Mhaighread nan Cuiread 	
'S dàn a chuir thu orm breug 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
Thilg thu orm mar ailis 	
Nach b'fhuilear dhomh 'm bréid 	
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

Gu robh leanabh am pasgadh 	
Fo asna mo chléibh 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
C'uim' nach innseadh tu'n fhìrinn 	
Mar a dh'innsinn ort fhéin 	
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

Cha b'ionann dha m'athair 	
'S dha t'athair-sa fhéin 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o
Cha b'ionann dha'n taighean 	
'N am laighe fo'n ghréin 	
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o 	

'S ann a gheobhte 'n taigh m'athar 	
Cinn is casan an fhéidh 	
Hi ri hoireann o 	
Hi ri hoireann o 	
'S ann a gheobhte 'n taigh t'athar 	
Cinn is cnamhan an éisg 	
Hi ri ri ri o ho 	
Ro ho i hoireann o