Èisd rinn, Íosa, na do ghrádh Tha do ghrádh gun chrích Guidh ri d' athair air ar sgáth Tha do ghrádh gun chrích Os cionn fuaim cogaidh 's bláir Thar gach truaigh is beud is cráidh Seachad air cruadal is cás Tha do ghrádh gun chrích Neartaich sinn, do shluaigh fhéin Tha do thrócair buan Beó am muinntearas a chéil' Tha do thrócair buan Tha gach anam seo na fheum Air do mhathas is air do mhéinn Ionnsaich dhuinn dé th' ann bhith réidh Tha do thrócair buan O Íosa, bi na shráinnsear dhomh Air rathad Iéricho O Íosa, bi na shráinnsear dhomh Air rathad Iéricho Thighearna ghlórmhoir ghrásmhoir chaoin Na cuir rinne cúl Ged a bhiodh ar nádar claon Na cuir rinne cúl Líon suas gach soitheach traoight' Soillsich dubhar gach cridhe claoidht' Siab bhuainn smalan an t-saoghail Na cuir rinne cúl O Íosa, bi na shráinnsear dhomh Air rathad Iéricho