Och a theàrlaich òg stiùbhart 'S e do chùis rinn mo léireadh Thug thu bhuam gach nì bh'agam Ann an cogadh ad adhbhar Cha chrodh is cha chaoraich Tha mi caoidh ach mo chéile On là dh'fhàg e mi 'm aonar Gun sìon san t-saoghal ach léine Mo rùn geal òg Có nis thogas an claidheamh No nì chathair a lìonadh? 'S gann gur h-e tha air m'aire O nach maireann mo chiadghradh Ach ciamar gheimhinn o m'nàdur A bhith 'g àicheadh nas miann leam Is mo thogradh cho làidir thoirt Gu àite mo rìgh math Mo rùn geal òg Bu tu 'm fear mór bu mhath cumadh O do mhullach gu d' bhrògan Bha do shlios mar an eala 'S blas na meal' air do phògan D'fhalt dualach donn lurach Mu do mhuineal an òrdugh 'S e gu camalubach cuimir 'S gach aon toirt urram d' a bhòidhchead Mo rùn geal òg Bu tu 'm fear slinneanach leathainn Bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich Cha bu tàillear gun eòlas Dheanadh còta math gearra dhut No dhèanadh dhut triubhais Gun bhith cumhang no gann dhut Mar ghealbhradan do chasan Le d' gheàrr osan mu d' chalpa Mo rùn geal òg Gura mise th' air mo sgaradh 'S ged do chanam cha bhreug e 'S iomadh té bha na banntraich Nach d' fhuair samhla dha m' chéile Fear do chéille 's do thuigse Cha robh furasd' ri fheutainn 'S cha do sheas air cul lodair Fear do choltais bu tréine Mo rùn geal òg Och nan och, gur mi bochdag 'S mi làn osnaich an còmhnaidh Chaill mi dùil ri thu thighinn Thuit mo chridhe gu dòrtadh Cha tog fidheall no clàrsach Pìob no tàileasg no ceòl e Nis o chuir iad thu 'n tasgaidh Cha dùisg caidreabh duin' òig mi Mo rùn geal òg Bha mi greis ann am barail Gum bu mhaireann mo chéile Is gun tigeadh tu dhachaidh Le aighearr 's le éibhneas Ach tha 'n t-àm air dhol thairis Is chan fhaic mi fear d' eugaisg Gus an téid mi fo'n talamh Cha dealaich do spéis rium Mo rùn geal òg