Mo chràdhghal bochd Mar a tha mi nochd 'S mi gun tàmh gun fhios gun sunnd Mo chràdhghal bochd Mar a tha mi nochd 'S mi gun tàmh gun fhios gun sunnd Gun sùrd ri stàth Gun dùil ri bhith slàn Chaidh mo shùgradh gu bràth air chùl Gun sùrd ri stàth Gun dùil ri bhith slàn Chaidh mo shùgradh gu bràth air chùl Mu dheagh mhac ruairidh nan long Làmh a libhrigadh bhonn 'S a bha measail air fonn luchd ciùil Mu dheagh mhac ruairidh nan long Làmh a libhrigadh bhonn 'S a bha measail air fonn luchd ciùil 'S e bhith smuaineachadh ort A chràidh mi am chorp Is a chnàmh na roisg bho m' shùil 'S e bhith smuaineachadh ort A chràidh mi am chorp Is a chnàmh na roisg bho m' shùil Mi ri smuaintean bochd truagh Is ri iomradh baoth buan 'S mi gad ionndrainn-sa bhuam, 's tu b'fhiù Mi ri smuaintean bochd truagh Is ri iomradh baoth buan 'S mi gad ionndrainn-sa bhuam, 's tu b'fhiù Deagh shealgair am frìth Bha gun cheilg do thaigh rìgh Agus seirbheisach dileas crùin Deagh shealgair am frìth Bha gun cheilg do thaigh rìgh Agus seirbheisach dileas crùin Tha do chinneadh fo ghruaim 'S gach aon fhine mun cuairt On là grinnicheadh d'uaigh sa chrùist Tha do chinneadh fo ghruaim 'S gach aon fhine mun cuairt On là grinnicheadh d'uaigh sa chrùist Mun t-sàr ghaisgeach dheas threum Ann am batail nan ceud Cha bu lapach sàs leum ud thu Mun t-sàr ghaisgeach dheas threum Ann am batail nan ceud Cha bu lapach sàs leum ud thu Làmh churanta chruaidh Ann an iomairt 's gach buaidh Chan uarrainn domh d'uaisle, ruin Làmh churanta chruaidh Ann an iomairt 's gach buaidh Chan uarrainn domh d'uaisle, ruin Do thaigh talla fo ghruaim 'S e gun aighear gun uaill Far'm bu mhinig a fhuair sinn cuirm Do thaigh talla fo ghruaim 'S e gun aighear gun uaill Far'm bu mhinig a fhuair sinn cuirm