Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Cumaibh suas inbhir àsdal San dùthaich mun cuairt Ho-rò, chan eil àite San robh mise riamh Ged gheobhainn mo roghainn Dhe gach àit'n ear no'n iar Am b'ait leam bhi fuireach 'S am b'fheàrr leam bhi triall 'S mur faighinn mo dhachaidh ann 'S mise bitheadh ciar 'S a' mhonadh tha sgaoilte Le aonadh gu leòr Far 'n d'shaothraich ar sìnnsir Le dìcheall son lòn Toirt ruaig air a' bhuachaill 'S iad suaimhneach gun stòr A' faighinn na bha dhith orr' Cha robh sùil ac' ri còrr Agus latha 'n trusaidh Bidh drip anns an àit' Gach fear mach sa' mhadainn Le bhata na laimh Le bhag air a ghualainn Sa chù mu a shàil Theid gach beathach air monadh A thrusadh gun dàil 'S a gheamhradh bidh uisg' Gaoth is fuachd ann ma seach Is uairean bidh reothadh Is uairean bidh sneachd Bidh teine math mòine Cur blàths anns gach teach Nochdadh coibhneas is aoigh anns Gach aon ac' mar chleachd Is ged a bhiodh connspaid Aig cuid an aghaidh chàich Cha mhair e ach sealan 'S mar as giorra 's e 's fhearr Ach tha e cho soillear Ri àrd mheadhan latha Gur e sìth agus rian Agus nàbhachd as fhearr Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Cumaibh suas inbhir àsdal San dùthaich mun cuairt An uair thig thu timcheall Aig sròin na luirge ruaidh 'S a sheallas tu nuas Inbhir àsdal nam buadh Air latha breagha samhradh 'S a' ghrian 's èirigh suas Chi thu sealladh cho àlainn 'S a th' air an taobh tuath Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Seinnibh le fonn Inbhir àsdal nam buadh Cumaibh suas inbhir àsdal San dùthaich mun cuairt