O, iain ghlinn cuaich Fear do choltais cha dual da fàs Do chùl bachlach nan dual 'S e gu camlubach suas gu bhàrr 'S I do phearsa dheas ghrinn A dh'fhàg mise cho tinn le gràdh 'S nach eil cron ort ri inns' O mhullach do chinn gu d' shàil 'S mór mo mhulad mun sgeul Seo tha 'n-diugh ann am beul gach neach 'S e chuir m' acain cho geur Gura sgeul e nach fheud mi chleith Thoir an t-soraidh seo bhuam Dh'fhios an fhleasgaich as uaisle dreach A dh'fhàg aicead am thaobh Chuir saighead an aoig fo m'chneas Ach ged thug mi mo ghaol Air dhòigh is nach faod mi chleith Cha b' e gille bochd truagh Ris'n do tharraing mi suas mar fhear Ach am fiùran deas ùr A dhìreadh an stùc-bheinn chas Dhèanadh fuil air an driùchd Leis a' ghunna nach diùltadh srad Iain, iain a ghaoil Cuim a chuir thu mi faoin air chùl Gun chuimhn' air a ghaol A bha againn araon air tùs 'S nach eil fear tha fon ghréin Dhan tug mi mo spéis ach thu Is cha tabhair ad dhéidh Gus an càirear mo chré san ùir? Ged a chinn thu rium fuar Bheil thu iain gun truas 's mi 'm chàs 'S liuthad là agus chuir Thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh Ach ma chaochail mi bhuait 'S gun do choisinn mi d'fhuath no d' fhearg Nis mo bheannachd ad dhéidh 'S feuch an tagh thu dhut fhéin nas fhèarr