Hóró hù-ó mo nigh'n donn Haori hiu-o nigh'n donn bhòidheach Hóró hù-ó mo nigh'n donn 'N déidh dhomh seòladh tro chaol muile 'S ann a chunnaic mi 'n té leòn mi 'S ann a seòladh tro chaol ile B' fheadar duinn bhi dìobradh sheòla Carson a bhios mi riut a' mire 'S fear eile sireadh do phòige Fear eile mire ri m' ghruagaich 'S mis air bhàrr nan stuadh a' seòladh Fear eile mire ri m' mhaighdinn 'S e do chaoimhneas rinn mo leònadh Shaoilinn nach gabhadh tu banntrach Fhad 's bhoidh geall aig giulan òg ort Shaoilinn nach gabhadh tu tàillear Fhad 's a chàrainn fhìn do chòta Shaoilinn nach gabhadh tu ghreusaich' Fhad 's a dheannain fhìn do bhrògan Shaoilinn nach gabhadh tu buachaill' Bhiodh snidh' air a ghruaidh an còmhnaidh Shaoilinn nach gabhadh tu cìobair Fhad 's a bhithinn fhìn an tòir ort