Hóireann ó ha i iù a Hiù ra bhó ra hug éile Hóireann ó ha i iù a Chaigh am bàta sios an rubha 'S i ni siubhal fo làn eudadh 'S e mo leannan làmh ga stiùireadh S chan eil cùram orm m'a déidhinn 'S e mo leannan làmh ga stiùireadh Ged a bhiodh muir-cùil ag éirigh Cuir mo stiùir a lamh a' Leòdaidh Air 'm bu shuarach stòp gin eubhair Air 'm bu shuarach botul branndaidh As a' gheamhradh n' àm na feuma Air 'm bu shuarach pinnt is botul As an tocasaid is céir oirr' Chuala mi mach bhon a' bhaile Gu robh mo leannan a' rèiteach Chuala mi sin's rinn mi gàire 'S e thuirt càch gum b'fheàrr dhomh éisdeachd 'S dìombach mise dha do mhàthair A chum sinne, ghràidh, bho chéile Nach do leig dhan t-seòmbar àrd sinn A thoir ar làmhan dha chéile 'S truagh nach robh mi le mo roghainn Leathad beinne 's aghaidh gréin oirr' 'S gun neach a bhith oirnne fagaisg A dh'aithreasadh oirnne sgeulan 'S gun neach a bhith oirnne fagaisg Ach na rionnagan 's na reultan