Alasdair à gleanna garadh Thug thu 'n diugh gal air mo shùilean 'S beag iongnadh mi bhith trom chreuchdach 'S gur tric gar reubadh as ùr sinn 'S deachdar dhomhsa bhith gun osnaich 'S meud an dosgaich air mo chàirdibh Gur tric an t-eug oirnn a' gearradh Taghadh nan darag as àirde Chaill sinn ionann agus còmhla Sir dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair Ciod e' n fàth dhuinn bhith gar gearan? Dh' fhan mac mhic ailean 's a' bhlàr uainn Chaill sinn darag làidir liath-ghlas Bha cumail dìon air a chàirdean Capull-coille bhàrr na giùthsaich Seobhag sùil ghorm lùthmhor làidir Bu tu ceann air cèill 's air comhairl' Anns gach gnothach am biodh cùram Aghaidh shoillear sholta thlachdmhor Cridhe fial farsaing mun chùinneadh Bu tu rogha nan sar-ghaisgeach Ar guala thaice 's tu a b'fhiùghail Leòmhann smiorail fearail feumail Ceann feachda chaill seumais stiùbhairt Bu tu 'n lasair dhearg 'gan losgadh Bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh Bu tu curaidh cur a chatha Bu tu 'n laoch gan athadh làimhe Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg Fìreann air an eulaith 's àirde Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach Bu tu damh leathan na cràice Guidheam d' anam a bhith sàbhailte O na chàradh anns an ùir thu Guidheam sonas air na dh'fhàg thu Ann ad àros 's ann ad dhùthaich Guidheam do mhac bhith nad àite Ann an saibhreas 's ann an cùram Alasdair à gleanna garadh Thug thu 'n diugh gal air mo shùilean