A mhic dhùghaill 'ic ruairidh Chuir am buaireadh fo m' chéill-sa Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean 'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean 'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh 'S diombach mise dha m' phiuthair Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich 'S diombach mise dha m' phiuthair Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich 'S cha bhuidheach mi dha m' mhàthair 'S òg a chàirich I bhreug orm 'S cha bhuidheach mi dha m' mhàthair 'S òg a chàirich I bhreug orm Mo mhìle beannachd aig m'athair 'S e nach gabhadh droch sgeul orm Mo mhìle beannachd aig m'athair 'S e nach gabhadh droch sgeul orm Ach mo mhallachd aig a' bhuachaill' Bha ri uallach na spreidheadh Ach mo mhallachd aig a' bhuachaill' Bha ri uallach na spreidheadh Chaidh e dhùsgadh nam balach Moch 's a' mhadainn mas d' dh'éirich Chaidh e dhùsgadh nam balach Moch 's a' mhadainn mas d' dh'éirich 'S ann a' direadh a ghàrraidh Leig thu ghràidh a' cheud eubh as'd 'S ann a' direadh a ghàrraidh Leig thu ghràidh a' cheud eubh as'd 'S ann a' teàrnadh a bhruathaich A fhuair thu 'm brughadh a léir thu 'S ann a' teàrnadh a bhruathaich A fhuair thu 'm brughadh a léir thu Gu robh fuil do chuim chùbhraidh 'S I ri drùthadh troimh d' léinidh Gu robh fuil do chuim chùbhraidh 'S I ri drùthadh troimh d' léinidh 'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi Cha do shlànaich do chreuchdan 'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi Cha do shlànaich do chreuchdan 'S truagh nach robh mi a sasunn Am baile pheairt no dun-eideann 'S truagh nach robh mi a sasunn Am baile pheairt no dun-eideann Ann an tìr nam fear dubha Na 'n cóig mumha na h-eireann A mhic dhùghaill 'ic ruairidh Chuir am buaireadh fo m' chéill-sa Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean 'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh