Hao ro ri o, rathaill o Rathaill o, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche An oidhche bha mis' air chuan Shil 'is shéid i, dh'fhás i fuar Dhòmhsa b' fheudar bhi dhol suas Mo thruaighe 's gun mi eòlach Thuirt e rium a dhol dh' an chrann Thuirt mi-fhéin nach d'rachainn ann Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann Gur siod a gheall thu dhòmh-sa" Chaidh mise an sin suas Rinn mi' n topsail chur mun cuairt 'S thuirt e rium nuair thàin' mi nuas Nach robh e uamhaidh bòdhach "Mur a bheil," thuirt mi-fhéin "Seo fear nach seall 'n a dhéidh Ged a rachadh e dh'an speur 'N a riobannan 's 'n a ròpan" Théid mi sios gu ceann Loch Mhéinn Far bheil d' athair 'gabhail táimh 'S gus a faigh mi thu air làimh Gu bràth cha dean sinn pòsadh Théid mi sios gu àit' an t-sagairt 'S théid ar n-éigheach air an altar 'S mur tig sian sam bith 's an rathad Thig sinn dhachaidh pòsda