Ochóin a righ Gur tinn an galair an gràdh Chaneil neach air am bi Nach saoil gur bliadhna gach là Gun bhris e mo chridh' 'S gun sgaoil e chuislean mo shlàint' Bhith cumha na dhéidh Bhon thréig mi fear an fhuilt bhàin Air fairil a ló Horó, air fairil a lé Air fairil a ló Horó, air fairil a lé Faill-ì faill ó Horó, air fairil a lé 'S ochóin a ghaoil Gum b'aotrom, aighearach sinn Nuair théid thu thar sàil A ghràidh biodh glainne nad dhòrn 'S bi 'g òl dheoch slàint' 'S gach àit 's a suidh thu aig bòrd Do chridhe geal éibhinn Aotrom, aighearach òg 'S bu bhinne do bheul Na 'n teud bho 'n tigeadh an ceòl Nach robh mi 's mo ghràdh Air àiridh, monadh no sliabh No air an tràigh bhàin No 'n àit' nach robh duine riamh Seachd oidhche, seachd là Gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh Is tusa bhith ghràidh 'S do làmh an tarruing mum bhian Do chùl buidhe dualach Cuachach camagach tlàth Dh'fhàg mise fo ghruaim Gu buan gu latha mo bhàis 'S nan tigeadh tu nuas Air chuairt dhan bhaile-sa thàmh Ged chaochail mo shnuadh Bu dual dhomh rithist bhith slàn