I horó 's na hug óro éile I horó 's na hug óro éile I horó 's na hug óro éile Gur tu mo luaidh, ri m' bheò cha cheil mi Nuair a bha mi'm chaileag ghòrraich Thug mi gaol is gràdh don òigfhear Air a bheil a' phearsa bhòidheach S cha ghràdhaich mi ri m' bheò fear eile Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan Chuir mi sùil am fiùran maiseach B'ann an glasachu nam bùthan A thug mi rùn don diùlnach fhearail Meur as grinn' air peann a sgrìobhas 'S a chur gleus air teudan fìdhle 'S e do cheòl a thogadh m'inntinn An uair a bhithinn sgìth fo smalan Do chùl dualach cuachach bòidheach Falt do chinn mar it' an lòin duibh Do dhà ghruaigh air dhreach nan ròsan Is iad fo dhealta ceò na maidne Tha do chalpa cuimir dìreach Mar bhradan aibhne ruith gu fìorghlan 'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut A-measg na bheil de shluagh air thalamh Ach tha mis' an duil 's an dòchas Gun tig an là 's am bi sinn còmhla 'S ma bhios tusa dìleas dhòmhsa Cha ghràdhaich mi ri m'bheò fear eile I horó 's na hug óro éile I horó 's na hug óro éile I horó 's na hug óro éile Gur tu mo luaidh, ri m' bheò cha cheil mi