Hì hó leagain, hì hó m'aighean Hì hó leagain, hì hó m'aighean M'aighean ho leagain, hì hó m'aighean Mo chrodh laoigh air gach taobh dhen bhuailidh Faic an dris ud air an lìonaig 'S I a' lùbadh leis na smeuran 'S amhuil siud agus m'aghan ceudlaoigh An t-agh is ciataich' de chrodh na buailidh 'S ì mo rùn sa an t-aghan caisfhionn Cha 'n iarr I buarach a chur mu casan 'Nuair 'bhiodh càch anns na sìomain naisgte 'S e siòd' á sasuinn bhiodh air mo ghuailfhionn M'eudail fhìn an t-aghan caisfhionn Théid dhan' bheinn is nach iarr I dhachaigh Cudthrom bainne air a casan Is laogh a h-altrum le gheum ga buaireadh Dh'aithnichinn grìsfhionn a tighinn air fàire Leis a mheanbh-bhric a tha mu bràighe Rìgh gur ro-mhath a thogail àil I A suas thar chàich 's I an ceannard buailidh M'eudail ise a chrodh na tìr seo Bheir I dhòmhsa am bainne prìseil Gheibh mi càise 's gheibh mi ìm dhith 'S nam biodh I uam gum bu mhór dhìth I