Bha caileag as t-earrach a dh'fhalbh as a' bhail againn fhìn Chan fhaiceadh tu samhail, ged a shiùibhleadh tu rangan an t-saoghail Chan iarraidh I cais'eart ged bhitheadh an sneachd air an raon Ach 's iomadh fear baile nach iarraidh leath' fearann no nì Chorus (after each verse): Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Air faillearainn, illearainn, uillearainn ó oro laoigh Cur-as-domh gun fhios a dh'fhàg mis' ann an cuing do ghaoil Na faighinn-s' an cothrom air snaidhm a tha beannaicht aig cléir Chan iarrainn leat fearainn no tuath tha cuir thairis le spréidh Chan iarrainn leat tochar bu shuarrach an socair dhomh e 'S nam iasgair na mara chan fhaicainn ort gainne no feum Tha 'm baile cho falamh bho thug thu do chasan thar chuan Mo léirsinn air dalladh, 's nach fhaigh mi mo shealladh thoirt bhuam Tha 'n latha cho fada, 's an oidhche cha chaidil mi uair Ri caoidh na h-òg chailin a mhill mo shonas 's mo shnuadh As d'aonais, a leannain, tha mise mar leanabh gun treòir Le dubhar air m'anam, is thréig na speuran an glòir An lionn th'air mo chridhe, cha thogar le mire no ceòl 'S as aonais do chomainn, a ghaoil, cha theic dhomh bhith beò O pill rium, a leannain, 's na fàg mo thuireadh gun cheann Air faidead do thurais bidh mise ri feitheamh sa ghleann 'S ma phòsas fear eil' thu, 's mo dhòchas uile air chall Theid mise dhan ùir, oir 'se d'iargain a chuireas mi ann