Si u ro bha ho e hillium bo ha Hillium bo ruaig thu i hillium bo ha 'S i u ro bha ho e hillium bo ha A chlach a bha aig mo sheanamhair 'S mo sheanair oirre seanchas Air tilleadh mar a dh'fhalbh i Mo ghalaghad a chlach 'S gur coma leam an Cearrara An Calasaraid no'n Calabhaigh Cho fad's a tha i'n Albainn Na'n garbhlaichean cas Ga cur an aite tearmainn A chumas i gu falachaidh 'S nach urrain nach dearg iad Air sgealp dhith thoirt as A chlach a chaidh a dhith oirnn Air faighinn anns an inghain 'S gu deimhine ma thill i Tha'n ni sin gu math 'S bha ministeir cho tursach 'Sa mhaduinn 'nuair a dhuisg e 'S prapan air a shuilean A tionndadh am mach E coiseachd feadh an urlar Ag ochanaich 's ag urnaigh 'S a coimhead air a chul Anns an do dh'ionndrainn e a chlach Sin far robh an starachd S an ruith air feadh an lair ann Gun smid aige ri raitinn Ach cait an deach a chlach 'Sa Mhoire, Mhoire mhathair Gu de ni mise am maireach Tha fios 'am gu'n bidh bhanriunn A fagail a beachd Ach rainig e na diuidich A'burralaich 's a buirich "Tha breitheanas a'dluthadh oirnn Spuilleadh a'chlach" 'S bha Sasunn air a dusgadh S an cathair air a rusgadh S oileadhag mu na diunlaich A ghiulain a chreach