Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nisd air fas cho fosgailte 'S cha mhor nach rachainn rompha Mur bu socraiche mo nadur Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S an te nach'eil an taobh aiste Tha pios a dhith a chuil aice 'S na h-ordagan's na ludagan 'S gun lub dhuibh air na sailean Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S tha h-ile te is toll oirra 'S gur buileach dh'fhalbh an ceann aca Cha robh iad riamh cho gann agam 'S e th'ann ach culaibh naire Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S gum bith gach aon a cantainn rium Nach b'fhiach a chaidh an dath th'orra Bu choma leam na maireadh iad Ged bhiodh an dath bu ghrainnd' oirr' Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh Ma thacras duin' bhith comhla rium Cha chuir mi dhiom na brogan Mar tha h-uile te 'san t-sron aisde 'S gun toir iad dhomhsa naire Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S ma thacras duin' bhith faisg orm Gur saoileam gur th' ann breac a tha 'd 'S gun toir iad greis air beachdachadh 'S mo chraicinn-sa ro phairt duibh Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S mo bheannachds' aig na nigheanagan A charadh pairt de dhion dhiubh 'S a bheireadh pairt de dhion dhiubh S a chiall nach robh mi lamh riuth Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh 'S ged nach biodh inc is peann agam Cha choimeadainn co-mheud toll a th'orr' Cha mhor nach'eil mi caingeis Gu de'n ceann a bhios gu h-ard dhiubh Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nisd air fas cho fosgailte 'S cha mhor nach rachainn rompha Mur bu socraiche mo nadur Tha h-uile te dhe'm stocainnean 'S a nochd a feum an caradh