Muladach ged tha mi 'S mo chridhe 'n sas aig bron Bhon an uair a dh'fhag mi Beanntan ard a'cheo Gleanntannan a'mhanrain Nan loch, nam bagh 's nan srom 'S an eala bhan tha tamh ann Gach la air 'm bheil mi 'n toir A Mhagaidh na bi tursach A ruin, ged gheibhinn bas Co am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu brath? Chan eil sinn uile ach air chuairt Mar dhithein buaile fas Bheir siantannan na blianna sios 'S nach tog a'ghrian an aird Air m'uilinn anns na truinnsichean Tha m'inntinn ort, a ghraidh Nam chadal bidh mi a'bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slan Tha m'aigne air a lionadh Le cianalas cho lan 'S a' ghruag a dh'fhas cho ruadh orm A nis air thuar bhith ban Muladach ged tha mi 'S mo chridhe 'n sas aig bron Bhon an uair a dh'fhag mi Beanntan ard a'cheo Gleanntannan a'mhanrain Nan loch, nam bagh 's nan srom 'S an eala bhan tha tamh ann Gach la air 'm bheil mi 'n toir