Bi m’aigne fhèin a gabhail reug Air siubhal sgèith mo smaointinnean Ag aiseag spèis o ghrunnd mo chlèibh Gu sgeireig èidich aonaraich Far an tug mo mhàthair ghràidh A dh’ àireamh chlann nan daoine mi Is far an iarrainn fois a bhàis Na’m biodh e’n dàn dhomh fhaotainn ann Is tric a dh’èisd mi gàir’ nan tonn Ri cladach lom nan caolasan Is m’aigne fhèin cho rèidh ri phong ’S mo chridhe trom a’smaointinn air A’ liuthad car a chaidh de’n t-sruth O’n chruthaicheadh an saoghal seo Air ais ’s air aghaidh gus an diugh Is fuaim a ghuth gun chaochladh air Is tric air feasgar Chèitein chiùin ’S gun leam ach speil de dh’ fhaoileagan A shuidh’ mi greis gun mòran suim Air binneag druim na h-aonaige An àm do’n ghrèin bhith dol ’sa chuan Bu mhaiseach snuadh a h-aodainn leam ’S ged rinn I mìle mìle cuairt Cha tàinig tuar na h-aois’ oirre De’n teaghlach ghreadhnach shuidh’ gach oidhch’ Mu’n chagailt cruinn bha naoinear ann Chanail an diugh air lom an tuinn Ach mis’ a caoidh ’nam aonaran Tha’n trathach gorm mu’n teinntein fuar Gun beo mun cuairt ach caoraich air Is luchd mo ghraidh nan seomar suain Is glasan buan an aoig orra Tha chreagan corrach sgorrach ciar Is trusgan liath na h-aois orra Ag èirigh suas mar bhalla dion An aghaidh sian nam faoillichean Ged thug gailleann gart is greann Air bharr nam meall ’s na’ maolaidhean Tha cluaintean fasgach ’n achlais bheann Is dreach an t- samhraidh daonnan orr’