Nuair bhios mi leam fhìn Bidh tu tighinn fainear dhomh Bidh mi togail fonn Air nigh'n donn nam meal-shùil Nuair bhios mi leam fhìn Bidh tu tighinn fainear dhomh 'S mise tha fo mhinginn 'S mi stiùireadh na birlinn Ciamar bhios e dìreach 'S nach i a tha air m'aire 'S nuair chì mise 'n òigridh San eaglais Di-Dòmhnaich Chan fhaic mi ann an òigh As bòidhche na mo leannan Nuair bhios mi leam fhìn Bidh tu tighinn fainear dhomh 'S thig iad as gach àite Far mullach nan àrd-bheann Cìobairean is tàillearan Gam fhàgail falamh 'S ged thigeadh gad iarraidh Mormhairean is iarlan Na gabh aon dhiu 'm bliadhna 'S mise, chiall, bhith bhuat Nuair bhios mi leam fhìn Bidh tu tighinn fainear dhomh 'S ged thigeadh gad fharraid Diùc agus fear-fearainn Fan thusa mar a tha thu Banail mar bu dual H-uile te bheir luaidh dhomh Bheir fear eile bhuam i 'S b'airidh mi air duais A bhuaidh a bha 'gam leantail