Gura mise tha fo èislean Ho ho ro ho gu Hao ri u ri bho eile Ho ho ro ho gu Moch 'sa mhaduinn 's mi 'g èirigh Chi mi 'n eilid sa cèile 'S iad a'mire ri chèile A righ nach buidhe dhaibh pèin sin Chan ionnan 's mar dh'èirich Dhomh 's do dh'Iain Mac Sheaumais Chuir iad thusa Ghleann Gèige A bhuachailleachd sprèidhe Agus mis' a Dhun Èideann A dh'ionnsachadh Beurla Agus Fraingis is Grèigis