Fath mo mhulaid a bhith ann 'S mi air m'aineoil anns a'ghleann Fath mo mhulaid a bhith ann Righ nach fhaicinn an Cuan Barrach Doirteadh thar bharraibh nam beann Fath mo mhulaid a bhith ann Iubraich bhain na diult dhomh 'n t-aiseag Cha toir cas mi dh'Innis Gall Fath mo mhulaid a bhith ann Dh'fhuarainn Eige agus Canaidh Null gu Barradh ghlas nan tonn Fath mo mhulaid a bhith ann Is trom an ionndrain th'air mo shiubhal Cha tog fidheall e no cainnt Fath mo mhulaid a bhith ann Fuaim na h-abh 'gam shior-eigheachd Thugainn m'eudail gu d'thir dhaimh Fath mo mhulaid a bhith ann Oh ghrein ud shuas, gur beag an t-iongnadh Gloir na faoilte bhith mu d'cheann Fath mo mhulaid a bhith ann Thu a'triall o'n ghleann 's an oidhche Null gu coibhneas a'chuain thall Fath mo mhulaid a bhith ann Ach pogaidh tusa nochd Cuan Bharraidh 'S mis' fo bharraibh chruaidh nam beann Fath mo mhulaid a bhith ann 'S mi air m'aineoil anns a'ghleann Fath mo mhulaid a bhith ann