A mhic dhùghaill 'ic ruairidh Chuir am buaireadh fo m'chèill-sa Chuir an tainead mo ghruaidhean 'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh Chuir an tainead mo ghruaidhean 'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh Is diombach mise dha m'phiuthair Nighean bhuidhe an fhuilt steudaich Is diombach mise dha m'phiuthair Nighean bhuidhe an fhuilt steudaich Is cha bhuidheach mi dha m'mhàthair Is òg a chàirich I bhreug orm Is cha bhuidheach mi dha m'mhàthair Is òg a chàirich I bhreug orm Mo mhìle beannachd aig m'athair 'S e nach gabhadh droch sgeul orm Mo mhìle beannachd aig m'athair 'S e nach gabhadh droch sgeul orm Mo mhìle mollachd aig a'bhuachaille Bha ri uallach na sprèidhe Mo mhìle mollachd aig a'bhuachaille Bha ri uallach na sprèidhe Chaidh a dhùsgadh nam balach Moch ro latha mus d'èirich Chaidh a dhùsgadh nam balach Moch ro latha mus d'èirich 'S ann a'dìreach a'ghàrraidh Leig thu ghràidh a'chiad èigh as'd 'S ann a'dìreach a'ghàrraidh Leig thu ghràidh a'chiad èigh as'd 'S ann a'teàrnadh a'bhruthaich Fhuair thu'm bruthadh a lèir thu 'S ann a'teàrnadh a'bhruthaich Fhuair thu'm bruthadh a lèir thu Gu robh fuil do chuim chùbhraidh A'drùdhadh ro' d'lèinidh Gu robh fuil do chuim chùbhraidh A'drùdhadh ro' d'lèinidh Is ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi Cha do shlànaich do chreuchdan Is ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi Cha do shlànaich do chreuchdan Is truagh nach robh mi an sasunn Am beul-feirst n'an dun eideann Is truagh nach robh mi an sasunn Am beul-feirst n'an dun eideann Nan tìr nam fear dubha Na'n coige mhutha na h-eireann Nan tìr nam fear dubha Na'n coige mhutha na h-eireann Mun do chuir mi ort grabadh Moch 's a mhadainn 's tu g'èirigh Mun do chuir mi ort grabadh Moch 's a mhadainn 's tu g'èirigh Mun do chuir mi riamh Iùil ort A lùb uir a'chùil cheutaich