A' Chlach a bha mo sheanmhair 'S mo sheanair oirre seanchas Air tilleadh mar a dh'fhalbh i Mo ghalghad a' Chlach 'S gur coma leam i 'n Cearrara An Calasraid no 'n Calbhaigh Cho fad' 's a tha i 'n Albainn Nan garbhlaichean cas 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Ga cur an àite tearmainn A chumas i gu falachaidh 'S nach urrainn iad, nach dearg iad Air sgealb dhith thoirt às A' Chlach a chaidh a dhìth oirnn Air faighinn às an ìnean 'S gu deimhinne, ma thill i Tha 'n nì sin gu math Mionnan air fear deàrnaidh Gach màthair is mac Nach leig sinn ann an gàbhadh Am fear a thug à sàs i 'S a mhiontraig air a teàrnadh À àite gum tlachd Ma chuireas iad an làmh air Chan fhuilear dhuinn bhith làidir Is buill' thoirt air a thàillibh Le stàilinn amach 'S bha 'm Ministear cho tùrsach Sa mhadainn nuair a dhùisg e 'S praban air a shùilean A' tionndadh amach E coiseachd feadh an ùrlair Ag ochanaich 's ag ùrnaigh 'S a' coimhead air a' chùil Anns an d' ionndrainn e Chlach Sin far robh an stàireachd 'S an ruith air feadh an làir ann Gun smid aige ri ràidhtinn Ach "Càit 'n deach a' Chlach? 'S a Mhoire, Mhoire, Mhàthair Gu dè nì mise màireach Tha fios a'm gum bi bhànrainn A' fàgail a beachd" Gun tuirt e 's dath a' bhàis air "Cha chreidinn-sa gu bràth e Gu togadh fear bho làr i Nach b' àirde na speach Tha rudeigin an dàn dhomh 'S gun cuidicheadh an tÀgh mi Bha' n duine thug à sàs i Cho làidir ri each" A pedra que minha avó E meu avô costumavam falar Regressou Minha pedra brava E não me importo se está em Kerrera Callendar ou Calvay Enquanto estiver dentro Da íngrime Escócia 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Ser colocada em um local seguro Que a esconderá com segurança Para que não possam, e não consigam Remover sequer um fragmento dela A Pedra que estava perdida para nós Privada do seu alcance E certamente, se ela retornar Será uma coisa muito boa Juramos por nossas mãos Todos e cada um de nós Não permitiremos que nada a coloque em perigo O homem que a soltou E ousou resgatá-la De um lugar desagradável Se eles colocarem as mãos sobre ela Precisamos ser fortes E dar um golpe nele Usando aço O pastor ficou tão triste Quando ele acordou naquela manhã Seus olhos azuis Ficaram turvos Andando pelo chão Suspirando e orando E olhando para trás Onde ele encontrou a Pedra faltando Houve muito barulho Correndo pelo chão E tudo o que ele podia dizer era Para onde foi a pedra? E: Pela Santa Mãe O que vou fazer amanhã Eu conheço a rainha Será além dela Disse ele, parecendo pálido Eu nunca teria acreditado Poderia ter sido levantado do chão Por alguém não maior que uma vespa Algo acontecerá comigo E o céu me ajudará O homem que a soltou Deve ser tão forte quanto um cavalo