'S bochd an naidheachd a fhuair sinn 'S a ghluais mi gu dàn Dòmhnall phàdraig, mo thruaighe Thugadh bhuainn e le bàs Cò aige bha dùil ris 'S tu cho sùnndach 's cho slàn Cha robh sinn a' smaointinn Gum biodh do shaoghal cho geàrr Dh'fhàg thu bean agus pàistean 'S iad a' rànaich 's a' caoidh 'S goirt a' bhuill' ann an fhuair iad 'S a ghuail ann an cridh Cha tog fidheall no òran Am bròn rinn an clì 'S ged a bhiodh iad measg òigridh Bidh gach sòlas gan dìth Chì sinn tràghadh is lìonadh Chì sinn ealtainn is sprèidh Chì sinn gealach is grian 'S reultan a' lìonadh nan speur Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh Coiseachd feur ann thu fhèin Ach guidheam fois leat, a chrìosdaidh 'S beannachd dhia ann leat fhèin 'S math tha fios aig gach nàbaidh Gu bheil sàr-dhuin' gan dìth 'S tu bha riatanach san àite 'S a b' fheàirrd' sinn bhith leinn Ach dhe sin, cha sheall bàs dha Coingeis dhàsan cò thu Bho leanabh bheag tha air mhàgail Gu ruig àrd-rìgh air crùn O, gur duilich, gur duilich Gur duilich seo leinn Andiugh bhith gad chàradh An t-hàllan san ùir Sinn a' faicinn do phàistean 'S bean do ghràidh 's iad ri caoidh 'S bidh thu 'n cuimhne gu bràth dhaibh 'S an cridhe làn dhut de ghaol 'S bha thu 'd dhuine bha fialaidh Is rianail ri càch Chan fhaca sinn riamh thu Gun fhiamh ort le gàir' Bha thu carthanntach fuasgailt' Measg an t-sluaigh anns gach àit' Gus an tàinig an fhuar-bhuill' Thug bhuainn thu le bàs 'S nam bitheadh tu aost' Cha bhiodh a' ghaoir seo cho geàrrt' Ach am meadhan do shòlais 'S tu led òigridh a' fàs Ruith an snaoim a bha cruaidh ann 'S dh'fhalbh na duail às an tàth Anns an t-sàcramaid uasal Nach gabh fuasgladh gun bhàs 'S gura tìm dhomh co-dhùnadh 'S a bhith dùnadh an dàin Bhon tha t' uaighsa nist dùinte 'S nach eil dùil riut gu bràth Gu faic sinn do ghnùis-sa Ann an dùthaich do ghràidh Ach bidh sinn uile gad ionndrainn Leis a' chiùird bha thu 'n sàs