Ceud fàilt' air gach gleann 'S air na beanntannan mòr 'S iad a chuimhnich dhomh 'n t-àm Ghabh mi sannt air bhith beò Nuair a bha mi ri fonn Còmh' ri clann 's iad ri spòrs Mu bhruaichean nan allt 'S iad nan deann bho gach lòn 'S iomadh creag agus càrn 'S iomadh gàrradh is bruaich Aig 'n do shìn mi ri sgàth A huile là bhithinn fuar 'S ged bu lìonmhor mo chàirdean Bha pàirt dhiubh gun truas 'S an tè shaothraich rim thàladh A' cnàmh anns an uaigh B' òg a chreach am bàs mi Aig aois a dhà no trì Cha b' urrainn dhomh bhith dàna 'N lùib mo chàirdean airson sìth Nuair thugadh bhuam mo mhàthair An uair sin dh'fhàgadh mi Mar neach air thuar bhith bàthte Nach b' urrainn snàmh gu tìr Ghabhainn comhairle gach aon 'S dh'fhàg siud faoin mi nam dhòigh 'S mi falbh mar a dh'fhaodainn Tro shaoghal nam beò Chuir mi ùidh anns gach sìon A bhiodh a' riarachadh m' fheòil 'S cha robh càs a bh' ann riamh Nach robh triall air mo thòir 'S cluinnidh mise daonnan Aig daoine nach eil òg Gur lèir dhaibh mar tha 'n saoghal A' caochladh cho mòr 'S gur e fìor dhuine dall Bhiodh a' samhlachadh stòir Ri beatha chlann nan daoine Nach fhaod fuireach beò Ach seo cuimhneachan dom chàirdean An là bheir mi suas 'S don mhuinntir nì mi fhàgail Anns an fhàsaich air chuairt Bidh bàrdachd Chlann Dòmhnaill Na ceòl aig an t-sluagh Là nach cluinn sibh mo chòmhradh Is mo chòmhnaidh san uaigh