A Mhic Iain 'ic Sheumais Tha do sgeul air m' aire Air farail ail eò, air farail ail eò Latha Blàr a' Chèithe Bha feum air mo leanabh Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o Latha Blàr na Fèitheadh Bha do lèine ballach Air farail ail eò, air farail ail eò Bha fuil do chuirp uasail Air uachdar an fhearainn Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o Bha mi fhìn ga sùghadh Gus na thùch air m' anail Air farail ail eò, air farail ail eò Bha 'n saighead na spreòd 'N corp seòlta na glaine Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o Bu cheannard ron t-sluagh thu Dol suas thro thìr aineoil Air farail ail eò, air farail ail eò Cha do ghabh thu 'm bristeadh Làmh leigeadh a faladh Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o On latha thug thu 'n cuan ort Bha gruaim air na beannaibh Air farail ail eò, air farail ail eò Bha snigh' air na speuraibh 'S bha na reulta galach Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o 'S càirdeach a Rìgh Leòdhais Mo leòmhann glan, uasal Air farail ail eò, air farail ail eò Mu Mhac Iain 'ic Sheumais Duine treubhach, smiorail Hi hò hi ri a bho hi èileadh Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o