Feuch sorchar nan reul Air corbha nan neul Agus ceòlraidh nan speur Ri luaidh dha Sorchar nan reul Tighinn le caithrim a nuas Bho an athair tha shuas Clàr is inneal nan duan Ri seirm dha Sorchar nan reul Chrìosd, a chomraich mo rùin Cuim nach togainn do chliù Ainglean agus naoimh chiùil Ri luaidh dhut Sorchar nan reul Mhic mhoire oigh nam buadh Is fire fìnne-ghile snuadh Liom bu shon a bhi an cluan Do shaoibhreis Sorchar nan reul A chrìosda mo chaoimh A chrìosda ro-naoimh Bitheam gach là agus oidhche Ri luaidh ort Sorchar nan reul Feuch sorchar nan reul Air corbha nan neul Agus ceòlraidh nan speur Ri luaidh dha Sorchar nan reul