Latha dhomh 's mi sraidearachd Gu h-àrd os cionn Dhunèidean 'S ann thachair orm an saighdear Is dh'fhoighneachd e mo sgeul dhiom Hi rì hill ò hug òirinn o Hi rì hill ò mo dhèideag Hi rì hill ò hug òirinn o 'S ann thachair orm an saighdear Is dh'fhoighneachd e mo sgeul dhiom 'S thuirt e rium a liostaiginn 'S gun sheas mi greis 's gun dh'èist mi 'S thuirt e rium a liostaiginn 'S gun sheas mi greis 's gun dh'èist mi Is thuirt e rium 's a Ghàidhlig 'S i chiùird as fheàrr bho'n ghrèin i Is thug e dh'an taigh-òsda mi On dheònaich e bhi rèidh rium Is chuir e bean na bainnse Nam làimh am fianuis cheudan Is chuir e bean na bainnse Nam làimh am fianuis cheudan Mo mhollachd aig an Fhrangach Na champa chaoidh cha tèid mi Mo mhollachd aig an Fhrangach Na champa chaoidh cha tèid mi 'S mo mhollach aig a Chornailier Cha tug e fòrladh fhèin dhomh 'S mo mhollach aig a Chornailier Cha tug e fòrladh fhèin dhomh 'S na caileagan a pòsadh 'S nach fhaigh mi còir air tè dhuibh