Gura mis' tha fo mhulad Ged is duilich dhomh innse O 's toil 's gur ro thoil leam O 's toil leam thu, nìonag O 's toil 's gur ro thoil leam Mi an ospadal shasuinn 'S trom 's gur h-airsneulach m'inntinn Mi gun fhois nach e 'm bàs e 'S cha toir bàta 'phortrìgh mi Thoir mo shoiridh 'dhùn bheagain Nam feadan 's nam pioban 'N t-soiridh eile seo fairis Bhuam go ceannaichean lìte Go gillean na hearadh Is go alasdair pìobar Go pèidse na baintighearn' Ged 'se chainnt rinn mo dhìteadh 'S toil 's gur toil leam a' ghruagach Ged nach d'fhuair mi dhomh fhìn I 'S toil leam bean a' chuil bhuidhe A ni 'm bruthach a dhìreadh