Nam aonar le mo smaointean 'S a ghaoth tigh'nn bho thuath Grian oir bhuidh' mar ghriasaich Cuir tèine air cuan Na caoraich solt' cho sàmhach Le'n àl 'sa chnoc mhòr Ciaradh feasgar cur a glòir Air faileas dubh le òr Ma chlaoidh sinne nàmhaid An dràsd' faic prìs buaidh Cridhe màthair cràidhte 'S na gillean san uaigh Cha dean cliù na onair Treòbhadh dhuinn no buain Cianail falamh sìth a bhàis Cha till na fir chaidh uainn Aig uaigh fhuar mhic a' phearsain 'S an sneachd air peighinn phuir Chluich a' phìob port tuiridh Am peilear bhrag cruaidh An cogadh faoin na falklands Thuit gòrsdan ro òg 'N uiridh balach 's an sgaoil àrd An diugh a bhàs ar leòn A' ghrian tha dol sios oirnne Air prairie cur blàths Oidhche tha gar dùnadh Dùsgadh do chàch Air feasgair dorch ar cùrsa Fèill dùsgadh là mòr Ciaradh madainn cur a glòir Air failleas dubh le òr