Bu chaomh leam bhi siubhal Bhi siubhal, sa siubhal Bu chaomh leam bhi siubhal Thar mullach Rudh' Stòir Bu chaomh leam bhi ghluasad Sa dearc mu na bruachan Far na chleachd mi bhi cluaineis Gun uallach no bròn 'S e bhi siubhal an aonaich A' sireadh nam caorach An obair bu chaomh leam 'S mi aotrom is òg Ach 's ann tha mi nis aosmhor 'S chan urra 's chan fhaod mi Ged is tric tha mo smaointean Air aonach Rudh' Stòir Air dhomh èirigh 's a' mhadainn Gun chùram, gun chabhaig 'S de lite 's de bhainne Gun gabhainn mo leòr 'S le mo chù aig mo chasan Agus m'aghaidh ri beallach Chan iarrainn bhi agam Ach bat' bhi nam dhòrn Chuirinn m'uchd ris gach bruthaich Gu sunndach 's gu subhach A' dol sìos gus a' Rudha Troimh an Chlaismhor Air neo suas Cnoc an Easain Os cinn Clais an easaidh Agus chithinn du deas dhiom Gu ruig a' Bheinn Mhòr Ach 's cianail mar thachair Bho'n uair ud an Assainn An sluagh dhòmh a b'aithne Air feadh Rudh' a' Stòir Tha chuid mhòr dhiubh san talamh 'S am beagan tha maireann Tha iad crùbach, lag, lapach Agus bacach gun treòir Bu chaomh leam bhi siubhal Bhi siubhal, sa siubhal Bu chaomh leam bhi siubhal Thar mullach Rudh' Stòir Bu chaomh leam bhi ghluasad Sa dearc mu na bruachan Far na chleachd mi bhi cluaineis Gun uallach no bròn