Ochòin a rì 's i mo rìbhinn donn Dh'fhag mi fo mhì-ghean 'us m'inntinn trom Gur e a bòichead a rinn mo leònadh 'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn Is truagh an dràsda nach robh mi'm bhàrd A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn 'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail Mu' bheil mo smuaintean gach oidhche 's là Mar chanach mòintich tha cneas mo luaidh Dearg mar chaorann tha dreach a gruaidh A beus 's a nàdur mar neòinean màlda No sòbhrag dh'fhàsas fo sgàil nam bruach Gur bòidheach dualach an cuailean mìn A th'air a' ghruagaich a bhuair mo chrìdh' Gur binne còmhradh na guth na smeòraich 'S tha mise brònach on dh'fhàg i mi Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò 'S mise 'm bliadhna mar ian 's a cheò Togaidh an sgàile 's ni ise deàrrsadh 'S gu'm faigh mi slàinte gach là ri'm bheò