Dheidhinn dhan a' ghealaidh leat Nan geallach tu mo phòsadh Fill-iù oro hù o Bu tu mo chruinneag bhòidheach Fill-iù oro hù o Dheidhinn leat dha na rionnagan Nam bitheadh do chuideachd deònach Dheidhinn leat a dh'Èirinn Gu fèill nam ban òga Dheidhinn leat a dh'Uibhist Far am buidhicheadh an t-eòrna Hè mo leannan, hò mo leannan Se mo leannan am fear ùr Hè mo leannan, hò mo leannan Se mo leannan gille Calum "Carpenter" an daraich thu Se mo leannan am fear donn A thogadh fonn 's an taigh-chiùil Se mo leannan am fear dualach Air an d'fhàs an cuailean dlùth Se mo leannan saor an t-sàbhaidh Leagadh lobhta làir gu dlùth Hèman dubh 's truagh nach tigeadh Hèman dubh siud gam iarraidh Hèman dubh gille 's litir Hi ri o ro each 's diallaid Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh 's mise a dh'fhalbhadh Hèman dubh null air sàile Hèman dubh le mo leannan Hi ri o ro 's cha bhiodh dàil ann Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh nam bitheadh agam Hèman dubh sgiath a' ghlaisein Hèman dubh iteag nan eòin Hi ri o ro spòg na lachainn Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh iteag nan eòin Hèman dubh spòg na lachainn Hèman dubh shnàmhainn na caoil Hi ri o ro air an tarsainn Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh shnàmhainn na caoil Hèman dubh air an tarsainn Hèman dubh an Cuan Ìleach Hi ri o ro 's an Caol Arcach Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh an Cuan Ìleach Hèman dubh 's an Caol Arcach Hèman dubh 's rachainn a-steach Hi ri o ro chun a' chaisteal Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh 's rachainn a-steach Hèman dubh chun a' chaisteal Hèman dubh 's bheirinn a-mach Hi ri o ro às mo leannan Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh 's bheirinn a-mach Hèman dubh às mo leannan Hèman dubh 's chan fhoighnichinn Hi ri o ro cò bu leis i Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o Hèman dubh