Soraidh leis an àit An d'fhuair mi m'àrach òg Eilean nam beann àrda Far an tàmh an ceò Air a moch a dh'èireas Grian nan speur fo ròs A'fuadach neul na h-oidhche Soillseachadh an Stòrr Cur m'aghaidh air Glaschu B'airtneulach mo cheum Cur mo chùl ri càirdean Nochd am bàigh cho treun Ghluais ar buadhan nàduir Ann an gràdh dha chèil' Shruth mo dheòir a mhàin Is dh'fhailnich guth mo bheul Seallaidhean bu bhrèagha Riamh chan fhaca sùil Sprèidh a mach gam feurach Madainn ghrianach, chiùin 'N uiseag air a sgiath Seinn gun fhiamh a chiùil 'S an ceò mu cheann Beinn Tianabhaig Is an sliabh fo dhriùchd