Chunnaic Rìgh Alba na shuain 'N aona bhean bu ghile snuadh fòn ghrèin 'S gum b'fheàrr leis tuiteam dha cion Na còmhradh fir mar bha fhèin 'S gum b'fheàrr leis tuiteam dha cion Na còmhradh fir mar bha fhèin Labhair Fionn-Falaich ri fian 'Thèid mise 'ga h-iarraidh dhuit Labhair Fionn-Falaich ri fian 'Thèid mise 'ga h-iarraidh dhuit Mi fhìn 's mo ghille 's mo chù Nar triùir a dh'iarraidh na mnà Mi fhìn 's mo ghille 's mo chù Nar triùir a dh'iarraidh na mnà Seachd seachdainnean is trì mìos A thùg sinn ri siubhal cuain Seachd seachdainnean is trì mìos A thùg sinn ri siubhal cuain Ma facas fearann neo fonn Aig an dèanadh an long tàmh Ma facas fearann neo fonn Aig an dèanadh an long tàmh Steach gu iomall a' chuain ghairbh Chunncas caisteal min-gheal gorm Steach gu iomall a' chuain ghairbh Chunncas caisteal min-gheal gorm Bu lìonmhor uinneag is stuagh Bu lìonmhor air cuach is corn Bu lìonmhor uinneag is stuagh Bu lìonmhor air cuach is corn 'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun Thàinig slabhraidh dhubh an nuas 'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun Thàinig slabhraidh dhubh an nuas Cha d' ghabh mi eagal neo fiamh Ghabh mi oirre nam ruith suas Cha d' ghabh mi eagal neo fiamh Ghabh mi oirre nam ruith suas Chunncas a' bhean bhrèid gheal òg Ann an cathair òir a-staigh Chunncas a' bhean bhrèid gheal òg Ann an cathair òir a-staigh Stròl dhe'n t-sìoda fo dà bhonn 'S bheannaich mise dha ghùis ghil Stròl dhe'n t-sìoda fo dà bhonn 'S bheannaich mise dha ghùis ghil 'Fhleasgaich a thàinig o'n chuan 'S fuar do bheannachadh oirnn 'Fhleasgaich a thàinig o'n chuan 'S fuar do bheannachadh oirnn Teann nall do cheann air mo ghlùin 'S seinnidh mi dhuit cruit is ceòl Teann nall do cheann air mo ghlùin 'S seinnidh mi dhuit cruit is ceòl Cruit air uchd an aona-ghil ùir 'S guirme sùil 's gile deud Cruit air uchd an aona-ghil ùir 'S guirme sùil 's gile deud Thuit esan na shiorram suaint Dèidh bhith cuartachadh chuain ghairbh Thuit esan na shiorram suaint Dèidh bhith cuartachadh chuain ghairbh Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios Thilg i dheth gun fhiosad' an ceann Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios Thilg i dheth gun fhiosad' an ceann Sin agaibh deireadh mo sgiùil 'S mar a sheinneadh am Bròn Binn