A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort Gur tric mi cuimhneachadh ort 's mi m'aonar Ged a shiùbhlainn gach ceum den t-saoghal Bidh t'ìomhaigh bhòidheach tighinn beò gach taobh dhìom 'S truagh nach robh mi's mo mhàiri bhòidheach Ann an gleannan faoin is ceò air 'S ged bu rìgh mi's an roinn eòrpa Chan iarrainn pòg ach bho mhàiri bhòidheach Ach chithear fèidh air a sgèith 's na speuran Chithear iasg air àird nan slèibhtean Chithear sneachda dubh air geugan Mu'm faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut Guma slàn do mo mhàiri bhòidheach Ge b'e àite sam bi a còmhnaidh 'S e mo dhùrachd cho fad 's is beò mi Gum bi gach sòlas aig màiri bhòidheach A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn