Gàir nan tonn gur trom an nuallan Seirm am chluais do ghlòir Dàn nam beann gach allt is fuaran Siaradh nuas le'd cheol 'S tù gach làtha gun tàmh mo bhuaireadh D'iargain bhuan gam leòn 'S tù gach oidhche chaoich mo bhruadar Gu thìr nan òg Bàs neo bròn cha bheo nad loinn fhir Uir air foill 's air gò Sair sior òl do dheo 's do chaoimhneis Aoibhneas snàmh 's na neoil Reultan airde latha sa dh'oidhche Boillsgeadh seamh troimh cheò Teudan tlàtha fàs ad choilltean Gu thìr nan òg Cùl nan tonn tha long mo bhruadair Fuaradh mar bu nòs Rùn an dàin a ghnàth ga gluasad Ciuin le luaths an eoin Iubraich bhàin na fàg mi'm thruaghan Taobh nan cuantan mòr Doimhne craidh is gràdh gam dhuanadh Gu tìr nan òg