Mo chridhe trom is duilich leam Gur muladach a tha mi Mo chridhe briste brùit Ach air mo shùil chan aithnich cach sin Mo chridhe trom is duilich leam Nuair chunnaic mis' an toiseach thu 'Nad shuidh' air stoc a' bhàta Se còig bliadhn' deug a dh' aois bha mi A ghaoil nuair thug mi gràdh dhut Mo chridhe trom is duilich leam Cuimhnich air do bhòidean rium An steòrnabhagh a bha sinn 'S ann air taobh muigh an royal Chug thu bòid dhomh nach do phàigh thu Mo chridhe trom is duilich leam Chuimhnich air do bhriathran rium Di-caidain sios am bràighe Nach fhaiceadh dia na daoine Bean mo chaochlaidh air do ghàirdean Mo chridhe trom is duilich leam Ma 'se 's gun tug thu fuath dhomh 'S a luaidh ma rinn thu m'fhàgail Chan fhad gun dèan an sluagh Anns a' chiste fhuair mo chàradh Mo chridhe trom is duilich leam