Bidh mi smaointinn gaol na h-òig' 'S an òigh thug mi á garrabost Gun tug sinn fichead bliadhna pòsd' Ach brònach chaidh ar dealachadh Thug sinn fichead bliadhna pòsd' Is bha sinn òg ri leannanachd Is 'nuair a b' fhèarr a bha ar dòigh Nach brònach rinn sinn dealachadh Chan iongnadh ged a dh' fhàsainn liath 'S mo chiabhagan bhith tanachadh Ma theid mi tarsuinn air an t-sàil' 'S ga fàgail ann an aignis Cha d' smaoinich sinn a riamh 's I beò Gu 'm biodh cuan mòr 'g ar dealachadh Gu 'm biodh I adhlaicht' air an aoidh Is mis' fo chraoibh an canada